Plana 'son Gàidhlig an Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd do phàrantan ann an Inbhir Theòrsa gu bheil planaichean aca gus dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig ri fhaotainn do sgoilearan san àrd-sgoil an ath-bhliadhna.

Bidh triùir le Gàidhlig a' dol a dh'Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa ann an 2020, ach chan eil Gàidhlig ga teagasg an sin an-dràsta.

Thuirt a' Chomhairle gun tèid dreuchd airson neach-teagaisg, a bhios ag obair eadar dà àrd-sgoil san t-siorrachd, a shanasachd ann an ùine nach bi fada.

Tha an sgeulachd aig Eileen NicDhòmhnaill.