Aire nan Làbarach air in-ionmhas seach referendum

Thuirt Jeremy Corbyn nach cuireadh riaghaltas Làbarach taic ris an dàrna referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba sa chiad teirm aca.

Bha ceannard nan Làbarach a' bruidhinn ann an Glaschu aig toiseach turas dà latha ann an Alba mar phàirt de dh'iomairt an taghaidh.

Tha am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, airson referendum a chumail an ath-bhliadhna ach thuirt Mgr Corbyn gum biodh aire nan Làbarach air 'in-ionmhas'.