Naidheachdan 11:00m

Dh'innse Jeremy Corbyn do chruinneachadh ann an Dùn Dè gun cosgadh riaghaltas Làbarach £70b ann an Alba ma bhuannicheas iad an Taghadh Choitcheann. Thuirt Maighstir Corbyn gun deidheadh an t-airgead a chleachadh airson obraichean a chruthachadh agus a bhith a' togail thaighean agus goireasan eile. Le iomairt an taghaidh a' leanntainn ann an Alba tha na Lib Demaich air a bhith a gealltainn cuir as den bhearn eadar na tha fireannaich agus boireanaich a' cosnadh. Bidh Nicola Strugeon anns Na Crìochan is i a' bruidhinn air poileasaidhean airson peinnseanairean. Agus cuiridh na Tòraidhean às leth an SNP gu bheil iad a' toirt prìomhachas do neo-eisimeileachd an àite a bhith toirt piseach air foghlaim.

Thuirt arm Iosrael gun deach tuilleadh rocaidean a losgadh air ceann a deas na dùthcha à Gaza dìreach uairean a thìde às dèidh dhaibh fois-fòirneart a stèidheachadh leis na Palastaineanaich. Tha seo a' leanntainn air dà là de shabaid a chaidh adhbhrachadh nuair a mharbh na h-Israelis fear de chomandairean Islamic Jihad. Gu ruige seo tha 30 Palastaineanach air am beatha a chall anns an t-sabaid le na deicheadan eile dhan leòn ann an Gaza agus ann an Iosrael.

Tha sgrùdadh poileis a leantainn às dèidh bàs fhireannaich an-dè fhad 's a bha e surfadh far taobh siar Leòdhais. Chaidh duine a tharraing às a' mhuir ann am Barabhas goirid ro mheadhan là. Chaidh a thogail dhan an ospadail ann an Steòrnabhaigh far an do chaochail e.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh chomhdhail First Group call mòr agus iad a' coireachadh àirdeachadh mòr anns na tha e a' cosg dhaibh a bhith a' ruith sheirbheisean-bhusaichean anns na Stàitean Aonaichte. Dh'fhuiling First Group, a tha steidhichte ann an Obar Dheathain, call de £188m airson a' chiad leth den bhliadhna an coimeas ri prophaid de £46m airson an aon àm an-uiridh.

Cuiridh Poileas ann an taobh sear Rois stad air draibhearan ann an sgìre Alanais an-diugh agus iad a' sìreadh fireannach a chaidh a dhìth bhon a' bhaile air an t-seachdain sa chaidh. Chan fhacas Calum MacChoinnich aois 41 bho Dhiardaoin sa chaidh. Thuirt oifigearan gun tèid tuilleadh sgrùdaidhean a dhèanamh anns na sgìrean mu thimcheall air a' bhaile tron an là le cùl-taic bho heileacopter Poileas Alba.