Clòimh-chaorach ga cur gu feum

'S iomadh feum a th' ann do chlòimh-chaorach bho rudan leithid geansaidhean gu bratan-ùrlair.

A-nis tha Comann Rìoghail Dìon nan Eun ga cleachdadh airson frith-rathaid a thogail ann an Uibhist.

Tha iad a' seachnadh plastaig a chur an sàs idir agus tha an obair uile ga dhèanamh le taic bho luchd-obrach saor-thoileach, ge bith dè an aimsir a th' aca, mar a Shona NicDhòmhnaill ag aithris.