Biadh is cuideachd do sheann daoine
Tha mòran seann daoine ann nach eil ag ithe ceart ann am Breatann agus ag ionndrainn cuideachd a bhith aca mun bhòrd, a rèir rannsachaidh a rinn a' bhuidheann chathrannais an t-Seirbheis Shaor Thoileach Rìoghail.
Bhruidhinn iad ri millean duine, agus thuirt còrr agus cairteal dhen fheadhainn nas sine na 80 bliadhna a dh'aois gum bi iad a' gabhail bìdh nan aonar sa chumantas.