Pròiseact "Puffarazzi" ga chumail a-rithist
Tha an RSPB air a' phròiseact aca 'Puffarazzi' a chuir air bhog a-rithist.
Tha iad airson 's gun teid dealbhan a thogail de phuthaidean fhad 's a tha biadh nan goban.
Tha àireamh nam puthaidean a' crìonadh ann an corra àite agus tha iad airson faighinn a-mach gu dè as coireach.
Tha coltas ann ge-ta gu bheil an àireamh dhiubh gu math fallain fhathast sna h-Eileanan Treisinis air taobh siar Mhuile, far an do thadhail Andreas Wolff.
- Air fhoillseachadh
- 29 An Cèitean 2019
- Earrann
- Naidheachdan