Seirbhis cuimhneachaidh do chraoibh

Chruinnich buidheann bheag air làrach shònraichte ann am Breacais san Eilean Sgitheanach feasgar an-dè a chuimhneachadh craobh a th' air a bhith a' seasamh - a rèir chuid - bho linn Mhaoil Ruaidh, 's a chaidh a leagail bho chionn goirid. Chan eil fios ann fhathast ge-ta cò leag i. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh gur iad bu choireach ged a bha obair a' dol air adhart aig an àm faisg air làimh a' gearradh phreasan is chraobhan air fearann na Comhairle.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid...