Pròiseactan coimhearsnachd an Eilean Ìdhe

Tha dà phroiseact coimhearsnachd ann an Eilean Ìdhe glè fhaisg air na targaidean aca a thaobh maoineachadh a ruighinn.

Dh'fhaodadh gun tòisich obair an ath-mhìos gus talla baile ùr a thogail a bhios ceangailte ri lìonradh a chleachdas teas na talmhainn.

Tha beachd ann gur e seo a' chiad àite an Alba far a bheil a' choimhearsnachd a' toirt lìonradh mar sin air adhart.

Seo Andreas Wolff.