Naidheachdan 11:00m

Tha cuideam air Theresa May deasbad agus bhòt a thoirt do Bhuill-Phàrlamaid air roghainnean eile seach a h-aonta airson Bhrexit. Thug ceannardan an Aonaidh Eòrpaich dhan 12na là den ath-mhìos dhan Phrìomhaire taic na Pàrlamaid fhaighinn dhan aonta a tha ise a' moladh, no slighe eile a ghabhail. Ma thèid leatha, fàgaidh an Rìoghachd Aonaichte an EU air an 22na là den Chèitean. Tha dragh air cuid ge-tà, nach eil plana eile aig a' Phrìomhaire mura faigh i taic na Pàrlamaid.

Tha dithis anns an ospadal an dèidh spreadhadh aig flataichean ann an Glaschu. Bha an spreadhadh aig Kennedar Drive ann am Baile a' Ghobhainn mu 07:00m. Tha fireannach ann an Infirmary Rìoghail Ghlaschu, 's tha boireannach ann an Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid. Chan eil an còrr fiosrachaidh ann mun dèidhinn ach sin.

Rinn mìltean de mhuinntir New Zealand cuimhne air an 50 duine a chaill am beatha sna h-ionnsaighean an t-seachdain seo chaidh. Chomharraich iad dà mhionaid de shàmhchar ann am pàirce mu choinneimh Mosg al-Noor ann an Cristchurch, far an do thòisich a' cheannairc.

Tha cuideam air Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean innse càite an deach airgead poblach airson goireasan beinne a' Chàirn Ghuirm. Tha Comann Gnothachais na h-Aghaidh Mòire ag ràdh gun d' fhuair a' chompanaidh phrìobhaideach Natural Retreats airgead poblach airson na goireasan a ruith, ach gun tug iad an t-airgead sin do chompanaidhean eile a bhuineas dhaibh. Thuirt Natural Retreats gu bheil am fiosrachadh gu lèir mu chùisean an ionmhais aca ri fhaighinn gu poblach.

Thèid gearan a dhèanamh an-diugh air plana airson raon-goilf faisg air Eurabol ann an Cataibh. Innsidh dà bhuidhinn a' riochdachadh luchd-coiseachd - Ramblers Scotland agus Scotways - do rannsachadh phoblach ann an Dòrnach gun toireadh an leasachadh droch bhuaidh air an àrainneachd. Tha feadhainn a tha ag iarraidh a' chùrsa ag ràdh nach dèanadh e cron mòr sam bith agus gun toireadh e cosnadh dhan àite.