Dragh mu Bhrexit

Bha Brexit air a' chlàr-ghnothaich aig coinneimh Choimisean na Croitearachd an-diugh.

Chaidh bruidhinn air na draghan a th' air croitearan am measg na mì-chinnt a th' ann a thaobh na thachras dhaibhsan nuair a dh'fhàgas sinn an t-Aonadh Eòrpach.

Cha b' e siud an aon chuspair air an deach iomradh a thoirt ge-tà - thugadh sùil cuideachd air croitean bàna, agus mar a th' aig a' Choimisean ri barrachd oidhirp a dhèanamh a thaobh conaltraidh leis a' phoball.

Tha an aithris seo aig Anndra MacFhionghain.