Naidheachdan aig 1100

Tha an Àrd Chùirt ann an Glaschu a' beachdachadh an-dràsta air binn air an deugaire a dh'èignich agus a mhuirt an nighean bheag Alesha NicPhàil ann an Eilean Bhòid. Chaidh Aaron Caimbeul, a tha 16, a dhìteadh le diùraidh. Bha e a' dol as aicheadh sa chùirt ach tha e a-nist air a chiont atharrachadh. Bha Alesha, a bha sia bliadhna de dh'aois, agus a bhuineadh do dh'Àrd Ruigh, air saor-laithean ann an Eilean Bhòid nuair a chaidh a murt 'san Iuchair an uiridh.

Thèid Theresa May dhan Bhruiseal an-diugh a dh'iarraidh dàil trì mìosan air Brexit. Thuirt an t-Aonadh Eorpach gum faodadh dàil ghoirid a bhith ann cho fad's gun cuir buill-pàrlamaid taic ri aonta a Phrìomhaire. Chuir a' Bhean-Phòsda May fearg air feadhainn nuair a thuirt i gur iad na 'cleasan' ris a bheil buill-phàrlamaid as coireach ris a' mhàill. Tha feadhainn de bhuill a-nis ag iarraidh sreath bhòtaichean anns na Cumantan a dhearbhadh de seòrsa aonta ris an cuireadh a' phàrlamaid taic.

Thuirt Prìomh Mhinistear New Zealand, Jacinda Ardern, gu bheil iad a' cur taic air a h-uile seòrsa armachd letheach-automataigeach agus assault rifles. Thuirt i gur iad sin an seòrsa ghunnaichean a chaidh a chleachdadh anns na h-ionnsaighean air na moscan ann an Christhurch an t-seachdainn seo chaidh anns an do chaill leth-cheud duine am beatha. Thuirt Jacinda Ardern gu bheil i an dòchas gun cur feadhainn aig a bheil gunnaichean gu laghail taic ris a' chasg sin.

Tha coltas ann gun atharraich dotairean ospadail an seasamh air cuideachadh euslaintich gu bàs agus Colaisde Rìoghail nan Lighichean a' coinneachadh an-diugh. Tha a' Cholaisde an aghaidh cuideachaidh gu bàs an-dràsta ach an dèidh cunntas a dhèanamh air beachd dhotairean tha coltas ann gun gluais iad gu neo-phàirteachd air a' chuspair.

Thig air ùghdarrasan ionadail na h-Alba an dòigh anns a bheil iad a' toirt seachad sheirbheisean atharrachadh a rèir Chomisein nan Cunntasan. Tha an Comisean ag ràdh gu bheil gearraidhean agus tuilleadh iarratais air seirbheisean a' ciallachadh gu bheil nas lugha roghainn aig comhairlean san dòigh sa bheil iad a' cosg airgid agus a' dèanamh shàbhalaidhean.

Tha Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, ag iarraidh polasaidh cànain eadar-dhealaichte dha na h-eileanan an dèidh aithrisean gu bheil a' Ghàidhlig 's fhìor chrìonadh am measg òigridh nan eilean. Thog an Dtr Allan a' cheist aig Holyrood agus dh'iarr e air an riaghaltas tomhas a dhèanamh air buaidh polasaidh air a' Ghàidhlig.