Stiùireadh ùr gràmar na Gàidhlig

Chaidh stiùireadh ùr oifigeil air gràmar na Gàidhlig fhoillseachadh Dimàirt.

Chaidh a chuir ri chèile fo stiùir Bhòrd na Gàidhlig, le sgoilearan ann an Oilthigh Ghlaschu agus ann an oilthighean eile.

Fhuair iad taic bho Chomataidh Comhairleachaidh Cànain a stèidhich Bòrd na Gàidhlig, sin buidheann de luchd-labhairt tradaiseanta bho dhiofar cheàrnaidhean den Ghàidhealtachd.