Càball dealain

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar agus SSE Network gun dèan iad argamaid làidir fhathast 'son càball dealain sia ceud megawatt, eadar na h-Eileanan Siar agus Tir-Mòr.

Leig OFGEM fhaicinn dimàirt gu bheil iad deònach gabhail ri càball sia ceud megawatt eadar Sealltainn agus Tir-Mòr ach gur dòcha gur e càball ceithear cheud gu leth megawatt a bu choltaiche do na h-Eileanan Siar.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.