Naidheachdan 11:00m

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar, agus a' chompanaidh leasachaidh SSE Network, gun dèan iad argamaid làidir fhathast airson càball dealain 600MW eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr, ged a tha Ofgem, riaghladair a' chumhachd, a' moladh càbaill nas lugha 's nas saoire. Leig Ofgem fhaicinn an-diugh gu bheil iad deònach gabhail ri càball 600MW eadar Sealtainn agus Tìr-Mòr, ach gur dòcha gur e càball 450MW a bu choltaiche dha na h-Eileanan an Iar mura gabh cosgaisean lùghdachadh air dòigh eile. Bidh ùine chonaltraidh ann a-niste air molaidhean Ofgem.

Tha an Caibineat a' coinneachadh an-dràsta a dheasbad slighe air adhart do Bhrexit an dèidh riaghladh bho Labhraiche nan Cumantan, John Bercow, nach fhaod an t-aonta a dhol dhan treas bhòt gun atharrachadh. Thuirt Rùnaire Bhrexit, Stephen Barclay, gu bheil dòchas ann fhathast air an t-aonta atharrachadh agus a dhol gu bhòt eile an dèidh àrd-choinneimh an Aonaidh Eòrpaich an t-seachdain seo.

Dh'èirich an àireamh a th' ann an obair gu faisg air 33m - an àireamh as motha riamh anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha na figearan oifigeil ag ràdh gun do thuit an àireamh a tha gun chosnadh mu 30,000 sna trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Bha àireamh chion-cosnaidh na h-Alba san ùine sin aig 3.5% - an àireamh as lugha riamh. Agus bha tuarastal sa chumantas suas 3.4% anns an Fhaoilleach, nas lugha na bha e san Dùbhlachd, ach fhathast os cionn na h-atmhorachd.

Thuirt Prìomhaire New Zealand, nach can ise gu bràth, gu poblach, ainm an duine a tha fo chasaid mun cheannairc ann an Christchurch an t-seachdain seo chaidh. Thuirt Jacinda Ardern gur ann air an fheadhainn a chaill am beatha a tha cuimhne aicese, agus nach ann air ceannairceach is eucoireach nach eil airidh air aithne airson na rinn e.

Tha buill ann am Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail fianais an-dràsta air sàbhailteachd agus truailleadh air feadh an NHS ann an Alba. Thòisich Comataidh na Slàinte a' rannsachadh an dèidh na h-uimhir de chùisean de thruailleadh agus galair aig Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid ann an Glaschu.