Naidheachdan 11:00m

Chaidh, air a' char as lugha, 49 duine a mharbhadh agus còrr is 20 duine eile a leòn ann an ionnsaighean gunna air dà mhosg ann an Cristchurch ann an New Zealand. Chaidh ceathrar a chur an grèim, 's tha aon duine dhiubh sin fo chasaid. Thuirt Prìomhaire New Zealand, Jacinda Ardern, gur e ceannairc a tha seo air an deach ullachadh ro làimh.

Nì Sràid Downing oidhirp eadar seo agus meadhan na seachdain seo tighinn air taic nan reubaltach Tòraidheach, agus an DUP, fhaighinn do dh'aonta Bhrexit Theresa May, a thilleas dha na Cumantan airson an treas turas. Bhòt buill na Pàrlamaid an-raoir airson dàil iarraidh air Brexit nas fhaide na an 29mh là den Mhàrt.

Tha coltas ann gum faodadh Interserve, aon de na buidhnean as motha a tha a' toirt seachad sheirbheisean poblach às leth an Riaghaltais, a dhol gu rianachd an-diugh ma 's e agus gun diùlt luchd nan earrainnean plana cobhair. Ma thèid gabhail ris a' phlana cuiridh iad às dha na fiachan le iasad mu choinneimh earrainnean ùra.

Thug CMAL, buidheann Riaghaltas na h-Alba a tha os cionn bhàtaichean-aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, slaic às ùr air gàrradh Fergusson Marine a tha a' togail dà shoitheach dhaibh an-dràsta. Tha eas-aonta ann mu chosgais, agus Fergusson ag ràdh gun caill iad £40m air a' phròiseact. Thuirt CMAL ge-tà, gur e beagan nas lugha na £1.5m a th' ann.

Chuir na Libearalaich Dheamocratach casg airson ùine air an t-seann cheannard, am Morair Steel. Tha dragh ann nach do rinn am Morair Steel dad mu chasaidean anns na 70an gun robh am Ball-Pàrlamaid nach maireann, Cyril Smith, ri drabastachd cloinne. Tha rannsachadh a' dol air adhart an-dràsta mu na casaidean sin.

Tha dragh ann nach bi mòran àite do phròiseactan cumhachd coimhearsnachd air an t-seòrsa càbaill a tha riaghladair a' chumhachd a' moladh dha na h-Eileanan Siar. Tha e coltach gur e càball 450MW a tha OFGEM a' moladh. 'S e càball 600MW air a' char as lugha a bha companaidhean cumhachd a' sùileachadh, agus tha beachd ann nach biodh an càball sin mòr gu leòr.

Chaidh fireannach a mharbhadh ann an teine ann am Baile Chè ann an sgìre Mhoireibh. Chaidh an t-seirbheis smàlaidh chun an taighe ann am Moss Street goirid an dèidh 9:00f an-raoir. Tha rathadan A96 tron bhaile dùinte an-dràsta.