Prìomh chidhe Mhuile aig "ìre èiginnich"

Tha suidheachadh prìomh chidhe Mhuile air "ìre èiginnich" a ruighinn, a-rèir bhuidhnean coimhearsnachd anns an sgìre. Tha Comhairle Choimhearsnachdan ann am Muile is Ìdhe, Comataidh Aiseagan Mhuile & Ìdhe agus Urras Coimhearsnachd an Eilein a' fàgail air Comhairle Earra-Ghaidheal is Bhòid gu bheil iad air a bhith neo-chùramach anns an dòigh 's a tha iad air a bhith a' làimhseachadh Cidhe Chreag an Iubhair. Thug iad rabhadh seachd cuideachd gum bi droch bhuaidh air seirbhisean - chan ann a-mhàin ann am Muile -- mur a tèid sgath a dhèanamh anns na miosan ri teachd, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris...

Air fhoillseachadh