Dual-chainnt an Tairbeirt
Eil fios agaibh dè th' ann an calòram? No an robh sibh a-riamh mogalled?
Seo cuid den bhriathrachas a tha a' nochdadh ann an leabhar ùr mu dhual-chainnt an Tairbeirt, taobh Loch Fìne.
'S e Aonghas Màrtainn à Cinn Tire a tha air an cruinneachadh a chur ri chèile.
Tha e mar phàirt de shreath, is leabhar aige mar thà air dual-chainnt Chinn Tìre a Deas, is fear ri tighinn fhathast mu Chàradal.
Tha Àdhamh Ó Broin am measg na tha air taic a thoirt dha Aonghas leis a' phròiseict.
- Air fhoillseachadh
- Earrann
- Naidheachdan