Naidheachdan 11:00m

Thuirt Pàrtaidh Dheamocratach an Aonaidh gun dèan iad an dìcheall stad a chur air plana Theresa May airson Brexit. Thuirt fear-labhairt an DUP, Sammy Wilson, gu bheil am pàrtaidh sin còmhla ris an fheadhainn a tha airson fuireach san Aonadh Eòrpach agus na Tòraidhean a tha airson fàgail, uile ag amas air cur às do dhreach-aonta a' Phriòmhaire. Tha an Caibineat a' coinneachadh an-dràsta airson a' chiad uair bho thug dreach-aonta a' Phrìomhaire air feadhainn an dreuchd sa chaibineat fhàgail an t-seachdain seo chaidh. Tha a h-uile coltas ann gu bheil an cunnart do dhreuchd Theresa May fhèin seachad an-dràsta agus na reubaltaich Thòraidheach ag aideachadh nach d' fhuair iad na h-àireamhean airson bhòt cion-earbsa innte.

Còmhraidhean le pàrtaidhean dùbhlanach

Tha Nicola Sturgeon a' coinneachadh ris a' Phrìomhaire agus ri ceannardan eile nam pàrtaidhean dùbhlanach ann an Lunnainn an-diugh fhathast aig sreath choinneamhan a tha a' deasbad Brexit. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gu bheil dleastanas a-niste air an fheadhainn a tha an aghaidh dreach aonta Theresa May airson Brexit tighinn air adhart le plana ciallach eile.

Thuirt aonadh an GMB gum faodadh rannsachadh neo-eisimealach air burraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd tòiseachadh ron Nollaig. Tha an GMB, a tha a' riochdachadh luchd-obrach na slàinte, an dùil gun tèid neach-tagraidh fhastadh an ceann seachdain no dhà. Tha NHS na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh gu bheil cultar de bhurraidheachd air a bhith ann.

Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd nach eil a' chreag os cionn Seach-Sathaid an t-Sròim air Taobh Siar Rois sàbhailte ged a chaidh luach £1.3m de dh'obair a dhèanamh air a' chreig sin air na trì mìosan mu dheireadh. Tha sgrùdadh bliadhnail na Comhairle air an rathad, a chaidh fhoillseachadh na bu tràithe air a' bhliadhna, ag ràdh gu bheil, a dh'aindeoin na h-obrach ùire seo, earrannan eile dheth fhathast fìor chunnartach le clach 's creig a' sìor thuiteam bho gu h-àrd.

Taigh-Cluiche Eden Court

Thuirt àrd-oifigeach Taigh-Cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis gu bheil fathannan nach eil fìor ann mun ghoireas. Chaidh dearbhadh gu bheil deichnear a' call an cosnaidh an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd agus Alba Chruthachail an taic-airgid a ghearradh. Ach thuirt an t-àrd-oifigeach, Seaumas MacCoinnich Blackman, nach eil an roinn chruthachail aca no na taighean-cluiche ionadail do dh'òigridh a' dùnadh, agus nach bi buaidh sam bith aig na gearraidhean air na clasaichean agus cursaichean a tha iad a' ruith.