HIAL toirt buaidh air gluasad obraichean

Thuirt Companaidh Phuirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil iad deònach coimhead air mar 's urrainear lùghdachadh a thoirt air a' bhuaidh a thig bho bhith a gluasad obraichenan iùil bho na h-Eileanan a dh' Inbhir Nis.

Aig coinneamh Diluain le Comhairle nan Eilean Siar dh'innis Àrd Oifigear HIAL gu bheil iad a' beachdachadh air diofar roghainnean far am b' urrainn do luchd-obrach a bhith a' siubhal agus a' fuireach ann an Inbhir Nis airson cola deug gach mìos - an àite a bhith ann làn ùine. Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.