Comann nam Pàrant ga stèidheachadh an Steòrnabhagh

Chan e sgoil Ghàidhlig fa-leth ach barrachd chothroman dhan cuid chloinne a' Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile am prìomh amas aig Comann Phàrantan Steòrnabhaigh.

Sin a thàinig am bàrr aig coinneimh oidhche Ardaoin far an deach meur ionadail a stèidheachadh dhaibh-san aig a bheil clann a tha faighinn oideachaidh sa Ghàidhlig sa bhaile.

Air fhoillseachadh