Naidheachdan 11:00m

Tha tuilleadh fathannan a' dol aig Westminster an-diugh gun tèid dùbhlan ceannardais a thoirt do Theresa May. Tha na h-uimhir de Bhuill-Phàrlamaid Thòraidheach a tha mì-thoilichte leis an dreach-aonta airson Brexit air sgrìobhadh gu Comataidh 1922, ag ràdh nach eil earbsa aca innte. Chan eil e soilleir fhathast a bheil an àireamh de litrichean air a dhol thairis air an starsaich air far am feum dùbhlan a chumail.

Agus tha e air aithris gu bheil Mìcheal Gove air co-dhùnadh nach leig e dheth a dhreuchd mar Rùnaire na h-Àrainneachd, agus gum fan e anns a' Chaibineat aig a' Bh-Mh. May. Dh'innis neach a tha faisg air Mgr Gove don phàipear-naidheachd an Times gun robh e den bheachd gun robh e cudromach gun obraicheadh ministearan còmhla airson am Brexit as fheàrr a bha ri fhaotainn a thoirt don dùthaich.

Chaidh buidheann charthannais a stèidheachadh mar chuimhneachan air nighean òg à Barraigh a chaidh a mharbhadh an an ionnsaigh cheanairc aig Arena Mhanchester an-uiridh. Obraichidh Urras Cuimhneachaidh Eilidh NicLeòid airson cothroman a thoirt do dhaoine òga air oideachadh ciùil, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail na h-Alba. Tha an t-Urras cuideachd an dòchas carragh-cuimhne a stèidheachadh air an eilean do dh'Eilidh agus an 21 duine eile a bhàsaich anns an ionnsaigh.

Thuirt Virgin Media gun dèan iad ath-thagradh an aghaidh càin £7m a chaidh a chur orra airson a bhith ag iarraidh tuilleadh 's a' chòrr airgid bho luchd-cleachdaidh a bha airson na cùmhnantan aca a thoirt gu crìch nas tràithe na bha dùil. Thuirt a' chompanaidh nach robh an riaghladh aig Ofcom "cothromach no cuimseach". Thuirt EE, a fhuair càin de £6m airson a bhith a' dèanamh an aon rud, gun robh iadsan a' gabhail ri co-dhùnadh an riaghladair.

Tha ùrnaighean gan dèanamh ann an Saudi Aràibia, agus air feadh an t-Saoghail airson an fhir-naidheachd Jamal Khashoggi, a chaidh a mhurt anns an Tuirc o chionn sia seachdainnean. Thèid ùrnaighean a ghabhail ann am Mecca agus ann am Medina, agus bidh seirbheisean cuideachd ann an Istanbul, Lunnainn, Paris agus Washington.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, bho Dhiluain, gum bi e comasach do thrafaig de gach seòrsa seach-rathad an t-Sròim a chleachdadh eadar 07:00m agus 10:00f. Bidh an A890 dùinte tron oidhche airson treis fhathast ge-tà, airson leigeil le luchd-einnsinnìridh obair a dhèanamh. Tha an t-ùghdarras an dòchas gum bi an rathad fosgailte uile gu lèir air an 23mh là den mhìos.