Gealltanas mun Rest and Be Thankful

Gheall Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, gun tèid cabhag a chur sa phròiseas gus fuasgladh maireannach fhaighinn dhan A83 aig an Rest and Be Thankful.

Bha e a' bruidhinn às deidh coinneamh na buidhne-gnìomha ann an Inbhir Aora Diardaoin, 's e ag ràdh gun dèanadh iad tuilleadh obrach gus an rathad a chumail fosgailte san eadar-ama.