Naidheachdan 11:00mm

Tha am Prìomhaire air a bhith a' mìneachadh an dreach-aonta airson Bhrexit do Thaigh nan Cumantan. Thuirt Theresa May nach e aonta deireannach a bh' ann, ach gun robh e air an Rìoghachd Aonaichte a thoirt nas fhaisge air còrdadh Bhrexit. Thuirt am Prìomhaire gun leigeadh am plana le Breatainn an EU fhàgail gu dòigheil agus gu h-òrdail aig deireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna. Dh'innis i do Bhuill-Phàrlamaid gun robh e a' toirt chumhachd air ais air crìochan, airgead agus laghan na dùthcha, agus gun seachnadh e crìoch chruaidh ann an Èirinn. Dh'iarr i air Buill cùl-taic a chur ris an dreach-aonta, agus i ag ràdh gun robh cunnart ann às aonais gum fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an EU gun aonta sam bith, no fiù 's nach tachradh Brexit idir.

Ministearan a' Fàgail

Agus tha ceathrar de mhinistearan an Riaghaltais a-niste air an dreuchdan a leigeil dhiubh 's iad mì-thoilichte leis an dreach-aonta. Ann an litir gu Theresa May, thuirt Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinnseanan, Esther McVey, gun robh i a' fàgail oir nach robh an t-aonta airson a bhith a' fàgail an EU a' cumail ri toradh an referendum, agus gun robh cus ga ghèilleadh ris an EU. Na bu tràithe dh'fhàg Dominic Raab a dhreuchd mar an Rùnaire airson Bhrexit, agus e ag ràdh nach leigeadh a chogais leis cùl-taic a chur ri plana a' Phrìomhaire. Thuirt Mgr Raab gun robh moladh airson Èirinn a Tuath a chumail ceangailte ri riaghailtean malairt Eòrpach na "chunnart do dh'aonachd na Rìoghachd" agus gun toireadh e veto dhan EU, air Breatainn a bhith a' fàgail. Tha Suella Braverman, a bha na fo-mhinistear airson Bhrexit, agus am fo-mhinistear airson Èireann a Tuath, Shailesh Vara, cuideachd air an dreuchdan a leigeil dhiubh.

Thuit ìre mheanbh-reic na Rìoghachd Aonaichte 0.5% air a' mhìos seo chaidh, a dh'aindeoin ro-aithrisean bho eòlaichean eaconomach gum faiceadh an dùthaich fàs. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun tàinig lùghdachadh de 3% air na chaidh a reic de stuth airson na dachaigh.

Dh'fhoillsich am Post Rìoghail lùghdachadh mòr anns na prothaidean aca airson a' chiad leth den bhliadhna. Thuit prothaidean ro chìsean 27% gu £183m. Thuirt ceannard ùr na companaidh, Rico Back, gur e briseadh-dùil a bh' ann, agus gheall e gun deadh ceumannan a ghabhail gus piseach a thoirt air cùisean.