Càineadh air HIE leis nach eil duine le Gàidhlig air a' bhòrd-stiùridh aca

Thuirt am ball-pàrlamaid Albannach Ceit Fhoirbeis, gu feumar dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig ga cleachdadh le daoine aig àrd-ìre aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean san cuid obrach.

Tha seo a tighinn as dèidh dha nochdadh nach eil Gàidhlig aig duine sam bith air a' bhòrd-stiùiridh air a no aig an fheadhainn as àirde dreuchd.

Tha luchd-iomairt ag ràdh gur e ceum air ais a tha seo do na Gàidheil mar a tha Alasdair MacLeòid ag aithris.