Naidheachdan 11:00m

Thuirt poilis ann an California gun deach na h-uimhir de dhaoine a mharbhadh nuair a chaidh losgadh orra le gunna aig taigh-seinnse faisg air Los Angeles. Thuirt fear-labhairt do dh'Oifis an t-Siorraidh ann an sgìre Thousand Oaks gu bheil am fear-gunna marbh.

Tha eòlaichean eaconomach ag ràdh gur ann air seirbheis na slàinte a bhios an dàrna leth de chosgais Riaghaltas na h-Alba a dh'aithghearr. Tha Institiud Fraser of Allander ag ràdh gum bu chòir cìsean oileanach a stèidheachadh a-rithist mar dhòigh air airgead a thogail agus gu feum deasbad a bhith air de na roinnean 's fheumaiche air airgead an Riaghaltais. Bidh Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, a' foillseachadh a phlanachan buidseit air an ath mhìos.

Tha seann Rùnaire Bhrexit, Daibhidh Davis, a' cur a thaic ris na tha ag iarraidh air an Riaghaltas fiosrachadh mionaideach fhoillseachadh mun chomhairle laghail co-cheangailte ri crìoch chruaidh a sheachnadh ann an Èirinn. Thuirt Mgr Davis, a dh'fhàg a dhreuchd nas tràithe air a' bhliadhna, nach dèan geàrr-chunntas a' chùis, ach am fiosrachadh ann doimhneachd. Tha na Làbaraich agus Deamocrataich an Aonaidh air an dearbh rud iarraidh mu thràth.

Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, ged nach eil a' Ghàidhlig aig duine den bhòrd-stiùiridh no na h-àrd-oifigich aca an-dràsta gu bheil iad a' cur taic ris a' chànan. Thuirt fear de luchd-iomairt na Gàidhlig, Pàdruig Moireasdan, gur e fìor cheum air ais a th' ann nach eil, 'son a' chiad uair, a' Ghàidhlig aig duine aig ard-ìre sa bhuidhinn. Thuirt HIE ged a tha sin fìor gu bheil iad an sàs ann an sreath phròiseactan a tha a' cur taic ris a' Ghàidhlig sa choimhearsnachd.

Chuir a' chompanaidh à Iapan, Toshiba, cùl ri plana 'son stèisean cumhachd niuclasach ann an Cumbria. Dh'fhailnich air Toshiba duine fhaighinn a cheannaicheadh a' bhuidheann a chuir iad os cionn a' phròiseact aig Moorside faisg air Sellafield.

Thuirt am Prionnsa Tearlach gun cuir e cùl ris na h-iomairtean anns a bheil e an sàs aon uair 's gum bi e na Rìgh. Ann an documentary dhan a' BhBC, a' comharrachadh gum bi e trì fichead bliadhna sa deich a dh'aois an ath-sheachdainn, thuirt e gu bheil làn thuigse aige gum bi a dhleasdanas mar Rìgh a' cuingleachadh mòran de na rudan ris am bheil e an-dràsta.