Bàrdachd cogaidh aig balach às na Hearadh.

Leugh Hamish Scott, às na Hearadh a' bhàrdachd chogaidh aige aig tachartas sònraichte ann an Lùchairt Bhuckingham Dihaoine.

Bha Hamish am measg 100 daoine òga a fhuair cuireadh dhan tachartas a chaidh a chur air dòigh leis a' bhuidhinn chathrannais Never Such Innocence.

Tha a' bhàrdachd aige cuideachd a' nochdadh ann an leabhar ùr a tha a' toirt dhuinn sealladh na h-òigridh air a' Chogadh Mhòr.

Sgrìobh Hamish Scott, a bhuineas dhan Tairbeart agus a tha 15 a dh' aois, pìos bàrdachd air a bheil "Misneachd na Pìoba".

Seo criomag dheth agus còmhradh eadar e fhèin agus Dòmhnall Moireasdan.