Tachartasan 'son Deireadh a' Chogaidh Mhòir a chomharrachadh

Fad na seachdain seo, tha sinn a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a thàinig an Cogadh Mòr gu crìch.

Is iomadh rud a tha a' tachairt air feadh na dùthcha airson a chomharrachadh, eadar cruinneachaidhean coimhearsnachd agus tachartasan mòra ealain.

'S e a' bhuidheann 14-18 Now a th' air a bhith a' stiùireadh feadhainn de na tachartasan as motha - nam measg, na crom-lusan aig Tùr Lunnainn agus Pages of the Sea, a bhios a' gabhail àite air tràighean air feadh na Rìoghachd Aonaichte Didòmhnaich.

Tha Rhoda NicDhòmhnaill air bòrd-stiùiridh 14-18 Now.