Naidheachdan 11:00

Chaidh innse do luchd-obrach na companaidh thaidhrichean Michelin ann an Dùn Dè gun dùin an fhactaraidh ro 2020. Fhuair an ochd ceud gu leth de luchd-obrach dearbhadh air an sin aig coinneimh ghoirid aig an fhactaraidh aig ochd uairean sa mhadainn. Tha iadsan a' gearain gur ann sna meadhanan a chuala iad an naidheachd an toiseach. Chaidh an luchd-obrach a chur dhachaigh agus fosglaidh an fhactaraidh a-rithist an-earar.

Tha sluagh nan Stàitean Aonaichte a' bhòtadh sna taghaidhean meadhan teirm an-diugh a nì co-dhùnadh air an cum Pàrtaidh nam Poblachdach aig a' Cheann-suidhe Trump smachd air Taighean na Còmhdhail. Tha taghadh ann son a h-uile h-àite ann an Taigh nan Riochdairean agus an treas cuid den t-Seanadh.

Tha an Caibineat a' coinneachadh a dheasbad na h-oidhirp as ùire aig Theresa May air aonta airson Brexit. 'S i crìoch na h-Èireann fhathast an cnap-starra as motha a th' ann agus plana 'back stop' a' Phrìomhaire airson crìoch chruaidh a sheachnadh mura bi aonta ann air malairt.

Thèid leudachadh gu deireadh na mìos seo air co-chomhairle mu bhuaidh Brexit air sgìrean a-muigh air an dùthaich. Tha a' bhuidheann iomairt, Scottish Rural Action a tha a' dèanamh na co-chomhairle air loidhne, ag ràdh gun d'fhuair iad mòran a bharrachd fhreagairtean na bha dùil aca. Bheir iad am fiosrachadh a gheibh iad do Riaghaltas na h-Alba agus do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Bancaichean bìdh

'S e trioblaid leis an t-siostam shochairean ùr, an Creideas Coitcheann, is coireach gu bheil barrachd dhaoine a' dol gu bancaichean bìdh, a rèir Urras Trussell. Tha an cathrannas, a tha a' cuir taic ri lìonradh de bhancaichean bìdh air feadh Bhreatainn, ag ràdh gun tàining àrdachadh 15% san àireamh dhaoine ann an Alba a b'fheudar a dhol gu banca bìdh air na sia mìosan mu dheireadh seach an aon àm an-uiridh.

Tha còignear an grèim an dèidh dhaibh bhideo a chur air loidhne a' sealltainn modail de Thùr Ghrenfell a' losgadh. Chaill trì fichead 's dhà dhuine dheug am beatha nuair a chaidh an toglach air taobh siar Lunnainn na theine an-uiridh. Thuirt Scotland Yard gur ann len toil fhèin a chaidh na fireannaich gu stèisean polais.