Dùbhlan mòr an t-snàimh
Rinn fireannach à Lincolnshire a' chùis air snàmh timcheall Bhreatainn gu lèir.
'S e Ross Edgley, 33, a' chiad duine a-riamh a rinn a leithid.
Chrìochnaich Ross ann an Kent às dèidh dha a bhith a' snàmh 12 uair gach là bho thòisich e san Òg-mhios.
Bha e aig muir fad 157 là uile gu lèir.
Bha e mar-thà air eachdraidh a dhèanamh far chosta an Eilein Sgitheanaich san Lùnastal, nuair a chaidh e seachad air a' chlàr a bh' ann, 73 là a' snàmh aig muir.
Am measg na rinn am pìos mu dheireadh den dùbhlan còmhla ri Ross air an deireadh-sheachdain, bha Calum MacIllEathain à Inbhir Nis.
Thuirt Calum, a tha a' lìbhrigeadh a' phrògraim 'Dhan Uisge' air BBC ALBA, gun robh e 'son a bhith an làthair air là cho eachdraidheil.
- Air fhoillseachadh
- 5 An t-Samhain 2018
- Earrann
- Naidheachdan