BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00

Tuarasdal bith-beò

Tha mu cheud agus ceithir fichead mìle duine a' faighinn pàigheadh nas motha bhon diugh agus an fhìor thuarasdal bith-beò - an Real Living Wage - a' dol suas. Tha na mìltean chompanaidhean air gabhail ris an sgeama shaor-thoileach, far a bheil am pàigheadh as lugha stèidhichte air an t-suim a dh'fheumas duine ann an obair làn ùine agus teaghlach airson bith-beò. Tha an t-suim a' dol suas gu naoi not san uair agus deich not agus leth-cheud sgillin 's a còig san uair ann an Lunnainn.

Thuirt ceann-suidhe Ioran, Hassan Rouhani, gun lean iad orra a' reic ola ri dùthchannan eile a dh'aindheoin nan casg-bhannan a chuir na Stàitean Aonaichte orra. Thuirt Corea a Deas an-diugh gu bheil iad air aon de dh' ochd dùthchannan a fhuair faochadh airson ùine bho na casg-bhannan sin. Bha an Ceann-suidhe Rohani a' bruidhinn air telebhisean na stàite ann an Ioran beagan uairean de thìde an dèidh dha na smachd-bhannan Aimeirigeach tòiseachadh.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dol a dh'ainmeachadh gum faod feadhainn à dùthchannan eile a dhol gu Feachdan Armaichte Bhreatainn. An-dràsta, feumaidh feadhainn à dùthchannan a' Cho-fhlaitheis a bhith a' fuireach ann am Breatann airson còig bliadhna mas fhaigh iad cead. Tha ochd bliadhna ann bho bha cho beag de bhuill sna feachdan armaichte.

Tha ceathrar dhotairean a thog casaidean burraidheachd an aghaidh NHS na Gàidhealtachd a' coinneachadh ri ceannard an NHS ann an Alba an-diugh. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, an t-seachdainn seo chaidh gum bu chòir rannsachadh neo-eisimeileach a bhith ann. Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil càil acasan ri a chleith agus gun cuir iad fàilte air beachdan sam bith bhon taobh a-muigh.

Tha na h- ùghdarrasan ionadail ag iarraidh àrdachadh de dhà gu leth sa cheud anns a' bhuidseat Albannach air an ath mhìos. Tha COSLA, a tha a' riochdachadh chomhairlean, ag ràdh nach eil roghainnean eile aig ùghdarrasan ionadail airson airgead a shàbhaladh. Dh' iarr iad cuideachd cead cìs na comhairle àrdachadh agus 's dòcha cìsean an leithid cìs tuarasdail ionadail a chur suas. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh Rùnaire an Ionmhais deònach bruidhinn riutha mu chìsean ionadail.

Thèid moladh do chomhairlichean an t-seachdainn seo bàta nas motha a chur air Aiseag a' Chorrain. Ged a tha iomradh ann air drochaid neo cabhsair eadar Loch Abar agus Àird nam Murchan uaireigin tha an athaisg air am bi comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh Diardaoin ag ràdh gur e bàta eile, ri taobh an MV Corran a th'ann an-dràsta, an rud as coltaiche.