"Barrachd taic" ann an Èirinn
Tha e tòrr nas duilghe do theaghlaichean a' Ghàidhlig a chumail beò ann an Alba an taca ri Èirinn.
Sin beachd a nochd bhon tè-rannsachaidh Cassie Smith-Christmas aig tachartas Rannsachadh na Gàidhlig.
Thuirt i gu bheil barrachd taic anns a' choimhearsnachd ann a Gaeltacht na h-Èireann, le barrachd dhaoine comasach air Gaelige a bhruidhinn.
Choinnich Darren Linc rithe aig an tachartas..