Naidheachdan 11:00m

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tabhainn iasadan èiginneach do thuathanaich airson an cuideachadh le bhith a' dèiligeadh ri buaidh ghrunn mhìosan de dh'aimsir chaochlaidich. Tha luchd-àiteachais air a bhith a' fulang ri linn phrìsean nas àirde airson biathadh agus fodair. Fon t-siostam ùr bidh cothrom aca air subsadaidhean Eòrpach fhaighinn nas tràithe na 's àbhaist.

Bhàsaich naoinear ann an teine ann an ospadal ann ann Taiwan. Bha iad am measg 36 duine a chaidh a thoirt bhon t-seachdamh ùrlar den togalach ann an New Taipei.

Thuirt Poilis Dhùn Èideann nach eil mìneachadh aca fhathast air dè thug bàs do dh'fhireannach a chaidh fhaighinn gun mhothachadh anns a' bhaile air an deireadh-sheachdain. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Sràid MhicGhumaraid an Iar, ann an Lìte, tràth madainn Dihaoine. Chaochail an duine aig an làraich. Chaidh rannsachadh a chur air chois, agus tha na Poilis ag iarraidh air neach sam bith le fiosrachadh a thighinn a bhruidhinn riutha.

Thèid taighean ùra a thogail ann am Muile ri linn taic-airgid bho Stòras Fearainn na h-Alba. Ceannaichidh Urras Coimhearsnachd Mhuile agus Ìdhe talamh aig Caolas Ulbha far an tog iad ceithir taighean. Tha an Stòras cuideachd air airgead a thoirt seachad airson leasachadh a dhèanamh air taigh-tasgaidh air taobh siar Rois a tha a' cuimhneachadh air na Convoys dhan Ruis aig àm an Dàrna Cogaidh. Fhuair an taigh-tasgaidh, anns an Allt Bheithe, cha mhòr £73,000.

Sheall àireamhan airson na mìos a chaidh gun robh aig luchd-siubhail bho thaobh a-muigh Roinn Eaconamach na h-Eòrpa ri feitheamh airson suas ri 2.5 uair de thìde aig Port-Adhair Heathrow. Tha am fiosrachadh bhon chompanaidh adhair Virgin Atlantic a' sealltainn nach do choilean Feachd nan Crìochan an targaid aca airson a bhith a' sgrùdadh cheadan-siubhail ach aig aon là anns an Ògmhios. Thuirt Oifis Roinn na Dùthcha gu bheil ceamannan gan gabhail gus fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh.

A rèir àireamhan ùra bho Bhanca Rìoghail na h-Alba tha luach na h-obrach aig companaidhean ann an Alba air fàs aig an ìre as motha airson ceithir bliadhna. Thàinig adhartas mòr air torradh chompanaidhean prìobhaideach anns an Iuchar, ged nach robh an àireamh dhaoine a fhuair cosnadh as ùr aca buileach cho àrd 's a bha i anns an Ògmhios. Ach thuirt an sgrùdadh gun robh nas lugha de mhisneachd am measg luchd-gnothaich, agus mì-chinnt a th' ann mu Bhrexit air a coireachadh airson sin.

'S tòisichidh Fèis Eadar-Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu an-diugh. Bidh 5,000 pìobaire a' cluiche aig timcheall air 150 tachartas a thèid a chumail air feadh a' bhaile. Tha an fhèis a' tàladh còrr is 40,000 luchd-èisteachd gach bliadhna.

Air fhoillseachadh