Naidheachdan 11:00m

Chaidh innse do chompanaidhean Breatannach a tha ag iarraidh malairt ri Ioran gun cuir riaghailtean an Aonaidh Eòrpaich dìon orra bho chasg-bhannan Aimeireaganach. Thàinig casg malairt nan Stàitean Aonaichte an aghaidh Ioran gu bith a-rithist anns a' mhadainn an-diugh. Thuirt Ministear Oifis na Dùthcha, Alasdair Burt, gu bheil na Stàitean Aonaichte air mearachd a dhèanamh, agus gur e co-dhùnadh coimearsalta a th' ann dha na companaidhean fhèin a bheil iad airson cumail ri malairt ann an Ioran.

Bidh Theresa May agus Nicola Sturgeon a' bruidhinn air Brexit am measg rudan eile nuair a choinnicheas iad ann an Dùn Èideann an-diugh. Cuiridh iad cuideachd an ainm ri aonta baile a bheir luach còrr is £1bn de leasachadh do Dhùn Èideann agus do cheann an ear-dheas na h-Alba.

Tha mu 135,000 sgoilear an Alba a' faighinn fios an-diugh mu na deuchainnean aca. Tha a' mhòr-chuid dhiubh a' faighinn fios tron phost, ach tha mu 60,000 a' faighinn brath le teachdaireachd teacsa, no post-dealain.

Dh'aidich feachd poilis Surrey gun do rinn iad mearachdan mòra san rannsachadh mu dheireadh aca air an DJ Jonathan King. Chaidh King, a tha 73 bliadhna de dh'aois, às àicheadh gun tug e 23 ionnsaigh dhrabasta air balaich òga. Tha luchd-casaid air innse a-niste nach iarr iad cùis-lagha às ùr, an dèidh dhan chùis mu dheireadh tuiteam às a chèile anns an Ògmhios. Tha Coimiseanair Poilis agus Eucorra na sgìre air ath-sgrùdadh iarraidh air na thachair.

Tha dòchas ann fhathast gun gabh Banca Rìoghail na h-Alba ann am Bàgh a' Chaisteil a chumail fosgailte, a rèir a' Chomhairliche à Barraigh, Dòmhnall Manford. Bha sgioba rannsachaidh bhon chompanaidh Johnston Carmichael ann am Barraigh an-dè, a' faighinn beachd an t-sluaigh agus bheir iadsan comhairle a-niste air RBS a thaobh dè bu chòir tachairt do mheur Bhàgh a' Chaisteil.

Air fhoillseachadh