Trusadh bheachdan mu bhanca Bharraigh

Bha sgioba-rannsachaidh ann am Barraigh Diluain feuch am bu chòir Banca Rìoghail na h-Alba meur an eilein a chumail fosgailte.

Bha an luchd-rannsachaidh bhon chompanaidh Johnston Carmichael a' trusadh bheachdan an t-sluaigh agus cuiridh iad a-nis moladh gu RBS aig a' cheann thall mu dè bu chòir tachairt ann am Bàgh a' Chaisteil.

Air fhoillseachadh