Naidheachdan 11:00m

Tha trì làithean de chaoidh nàiseanta air tòiseachadh anns a' Ghrèig às dèidh bàs 79 duine ann an teintean-coille air a' chosta faisg air an Àithne. Tha 23 duine-cloinne nam measg. Tha oifigich a' creidsinn ge-tà, gum faodadh an àireamh sin a dhol thairis air a' cheud, a' fàgail gur e an sgrios as miosa a bh' anns a' Ghrèig bhon Dàrna Cogadh. Dh'obraich luchd-teasairginn tron oidhche, agus daoine fhathast a dhìth.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh, gu deimhinnte, nach eil iad air cur às uile gu lèir dhan phròiseas-tagraidh airson cùmhnantan togail nan soithichean cogaidh ùra frigead. Dhearbh Ministrealachad an Dìon an-dè gun deach an fharpais a chur dheth rè ùine, a' coireachadh dìth thagraidhean freagarrach 's iad ag amas air £250m a chosg air. Bha gàraidhean-togail Chluaidh an dòchas cuid den obair seo a ghlèidheadh.

Coinnichidh feadhainn bho aonaidhean-ciùird na h-Alba an-diugh ris na Canadianaich a ghabh a' chompanaidh BiFab os làimh. A rèir oifigich bho GMB Alba agus Unite tha na làraichean a bh' aig BiFab ann am Fìobha agus Leòdhas cha mhòr dùinte uile gu lèir a-nis - air sgàth na chaidh a chall de dh'obraichean annta. Tha iad airson oidhirp a dhèanamh na h-obraichean seo a thilleadh. Thuirt a' chompanaidh Chanadianach DF Barnes gu bheil iad air gealltanas maireanach a dhèanamh taic a chumail ris na trì làraichean aca.

Leanaidh a' chùis-lagha ann am Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte an-diugh gus beachdachadh air an robh e ceadaichte do Phàrlamaid na h-Alba bile Bhrexit a chur troimhe iad fhèin. Bidh seachd britheamhan a' meòrachadh air a' chùis feuch an seas am bile, a chaidh aontachadh ann an Holyrood, mar roghainn eile an àite bile Riaghaltas Westminster.

Chaidh 31 duine a mharbhadh ann am bomba meadhan bhaile Quetta ann am Pagastan - agus bhòtadh a' dol ann an taghadh choitcheann. Tha seo às dèidh iomairt-taghaidh a bh' air a cuairteachadh le casaidean fòirneirt agus dol a-mach coirbte. Tha an t-seann chluicheadair criogaid Imran Khan a' seasamh an aghaidh Nawaz Sharif airson dreuchd Prìomhaire na dùthcha.

Thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich nach eil e dòchasach a' dol a-steach gu coinneimh le Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an Washington an-diugh. Ron choinneimh thuirt Dòmhnall Trump gum bu chòir cur às dha na cìsean malairt, casgannan agus subsadaidhean gu lèir eadar an EU agus na Stàitean Aonaichte. Ach tha Jean-Claude Juncker airson cogadh-malairt a sheachnadh. Aig a' cheart àm tha an craoladair CNN air clàradh a chluich anns an cluinnear còmhradh eadar Dòmhnall Trump agus an t-seann fhear-lagha aige Mìcheal Cohen. Bha an dithis a' beachdachadh air airgead a thoirt do mhodal airson Playboy a bha a' cumail a-mach gun robh i a' falbh le Mgr Trump fhad 's a bha e pòsta.

Thug Ryanair rabhadh gum faodadh gearraidhean-cosnaidh a bhith air fàire. Thathas ag ràdh gu bheil iad a' lùghdachadh na h-àireimh phlèanaichean aca tron Gheamhradh - rud a dh'fhaodadh call suas ri 100 pìleat agus 200 neach-frithealaidh adhbharachadh.

Air fhoillseachadh