Fèis Cheilteach Innse Gall ga cur a dhol

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall a' dol an t-seachdainn-sa le cuirmean-ciùil sa Ghearradh Chruaidh agus tachartasan eile air feadh nan Eilean Siar.

Am measg nam prìomh chòmhlan am bliadhna tha Deacon Blue agus na Fratellis.

Chaidh ticeadan Dihaoine agus Disathairne gu lèir a reic - agus chan eil ach deannan air fhàgail airson a-nochd.

Tha Ruaraidh Rothach ag aithris.