Naidheachdan 11:00m

Chaidh trì busaichean le plèataichean dioplòmasach fhaicinn a' fàgail Ambasaid na Ruis ann an Lunnainn. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a dh'òrdaich am Prìomhaire Theresa May 23 duine de luchd-dioplòmasach Ruiseanach a-mach às an dùthaich air sgàth ionnsaigh Salisbury. Disathairne thuirt an Ruis gum feumadh an aon àireamh de luchd-dioplòmasach Breatannach Mosgo fhàgail. An-diugh tha Riaghaltas Westminster a' dol a thighinn gu co-dhùnadh an gabh iad an còrr cheumannan an aghaidh na Ruis.

Thuirt ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, gum feum Breatainn obrachadh còmhla ri Vladimir Putin, ged a tha fianais ann gun robh gnothach aig an Ruis ri ionnsaigh Salisbury. Thuirt an Seansalar Dùbhlannach, John McDonnell, gu bheil esan den bheachd gur e Mgr Putin a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Thuit ìre na h-Atmhorachd fo 3% gu 2.7% anns a' Ghearran. 'S e sin an ìre as ìsle bhon Iuchar 2017. Thuit an ìre seach gun robh prìsean connaidh sìos, agus bho nach robh prìsean bìdh ag èirigh cho luath 's a bha iad. Bidh seo a' ciallachadh nach bi uiread de dh'ìmpidh air Banca Shasainn ìrean rèidh a chur suas. Bha fathannan ann gun tachradh sin anns a' Chèitean.

Coinnichidh Buill-Phàrlamaid Thòraidheach a tha a' riochdachadh choimhearsnachdan iasgaich ri Theresa May an-diugh agus dragh orra mu phlanaichean fo am biodh an EU fhathast a' stèidheachadh chuotathan tro ùine eadar-amail Bhrexit. Nochd sin ann an dreach aonta a chaidh fhoillseachadh an-dè.

Chuir britheamhan Albannach an taic ri tagradh a rinn luchd-iomairt a tha ag iarraidh air Cùirt Cheartais na h-Eòrpa co-dhùnadh am bu chòir cead a bhith aig Breatainn stad a chur air pròiseas Bhrexit. Tha an luchd-iomairt airson 's gum bi cothrom aig Breatainn Artaigil 50 a tharraing.

Tha dùil gun tòisich obair-ullachaidh a-màireach air planaichean gus rathad ùr a thogail an Inbhir Nis. Bhiodh an Ceangal-Rathad an Ear a' dol eadar sgìre nan Ìnnseagan agus Baile a' Ghobhainn. Thuirt Còmhdhail Alba nach eil iad a' smaoineachadh gum biodh cus de bhuaidh air an obair-sgrùdaidh air trafaig sa bhaile, ged a chuir iad ìmpidh air dràibhearan fhathast sùil a chumail air an làraich-lìn aca.