Linn ùr do rugbaidh air a' Ghàidhealtachd?

Chruinnich na ceudan de chloinn-sgoile air iomall Inbhir Nis Diluain a dh'fhaicinn na Bana-Phrionnsa Anna a' fosgladh ionad agus goireasan ùra do chluba rugbaidh na Gàidhealtachd.

Thàinig an leasachadh, a chosg faisg air £5m, mar phàirt de Cheangal-Rathad an Iar Inbhir Nis.

Chaidh cuid de thalamh a' chluba rugbaidh a chleachdadh 'son an rathaid ùir.

Às dèidh dà bhliadhna de dhealbhachadh agus obair, tha a-nis goireas spòrs cho math 's a tha anns an dùthaich aca.

Tha Uisdean MacIllinnein air a bhith a' meòrachadh air dè tha an leasachadh seo a' ciallachadh do chluba rugbaidh na Gàidhealtachd, is do spòrsan eile.

Air fhoillseachadh