Dragh mu obair-iùil phlèanaichean aig HIAL
Sgrìobhaidh Comhairle nan Eilean Siar agus an t-aonadh-cùird Prospect gu Ministear na Còmhdail agus dragh orra mu phlanaichean HIAL tòrr dhan obair-iùil phlèanaichean aca a dhèanamh bho aon ionad a mhàin.
Tha HIAL ag ràdh gur e ceum riatanach a tha seo agus nach urrainn dhaibh cumail a' dol leis an t-siostam a th'ann an-dràsta.
Thuirt am ball pàrlamaid Aonghas Brianan MacNèill gum bu chòir an t-ionad ùr a bhith stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar.
Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.