Naidheachdan 11:00m

Tha Caibineat na h-Èireann a' coinneachadh an-dràsta a dheasbad na h-ìre aig a bheil còmhraidhean Bhrexit agus a bhuaidh air a' chrìch ri Èirinn a Tuath. Tha ceistean na crìche fhathast a' cur maill air na còmhraidhean eadar Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach. Tha Theresa May anns a' Bhruiseil an-diugh a' coinneachadh ri ceannardan an EU, agus ise a' feuchainn ris na còmhraidhean a ghluasad air adhart gu aonta malairt. Agus thuirt fear-labhairt dhan EU gun do chuir Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, stad air turas a dh'Israel an t-seachdain seo leis gu bheil na còmhraidhean aig ìre fìor chudromach.

Tha ceannard nam Poileas Metropolitan, Cressida Dick, a' càineadh dithis a bha nan àrd-oifigich airson fiosrachadh a thoirt am follais gu poblach mun rannsachadh air Prìomh Rùnaire na Stàite, Damien Green. Tha Bob Quick agus Neil Lewis ag ràdh gun robh drabastachd air coimpiutair a chaidh a thoirt bho oifis phàrlamaid Mhgr Green bho chionn naoi bliadhna. Tha Mgr Green a' dol às àicheadh gun do chuir esan stuth drabasta air a' choimpiutair, no gun robh e ga choimhead. Tha Cressida Dick ag ràdh gun do bhris an dithis oifigeach an còd obrach, agus gum faodadh casaidean èirigh nan aghaidh.

Dhiùlt britheamh san Spàinn saorsa às a' phrìosan air urras do dhithis a bha nam ministearan ann an Riaghaltas Chatalonia, agus dithis luchd-iomairt a bha an sàs ann an neo-eisimeileachd airson na sgìre. Chaidh sianar eile a bha nam ministearan a shaoradh air urras. Tha Carles Puigdemont, a bha na cheannard ann an Catalonia, agus ceathrar eile a bha nam ministearan aig èisteachd anns a' Bhruiseil an-diugh, agus an Spàinn ag iarraidh an tilleadh às an sin.

Dh'iarr an t-aonadh Unite air Riaghaltas na h-Alba cuideam a chur air RBS cur às dhan phlana airson còrr is an treas cuid de na bancaichean aca a dhùnadh ann an sgìrean iomallach. Thuirt an t-aonadh, ann an litir gu Ministear nan Cùisean Dùthchail, Paul Wheelhouse, gu bheil seo mì-mhoralta agus gun do bhris RBS gealltanas nach dùineadh iad meur nam b' e am banca mu dheireadh ann am baile. Thuirt Mgr Wheelhouse gur ann aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha smachd air na bancaichean. Agus chuir còrr is 5,000 duine an ainm ri athchuinge air-loidhne ag iarraidh air RBS am banca ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh a chumail fosgailte.

Chaidh 700,000 a bharrachd peinnseanair agus leanabh ann am bochdainn "relative poverty" anns an Rìoghachd Aonaichte sa cheithir bliadhna mu dheireadh, a rèir a' charthannais shòisealta, Joseph Rowntree. Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil sochairean sòisealta aig an aon ìre, agus pàigheadh gun àrdachadh a' fàgail 14m duine gu lèir ann am bochdainn. Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil an àireamh a th' ann am fìor bhochdainn "absolute poverty" air tuiteam còrr is 500,000.

Air fhoillseachadh