BBC Naidheachdan

Coinneamh phoblach ga cumail ann an Càrlabhagh

Chaidh a' cheist am bu chòir bàta-teasairginn a bhith air Taobh Siar Leodhais a dheasbad aig coinneimh phoblaich ann an Càrlabhagh a-raoir.

Bha riochdairean RNLI agus nam Maor-Cladaich an làthair, 's chaidh innse gum biodh cosgais na chnap-starra mhòr dhaibh 's gum bu chòir dhaibh coimhead air dòigh daoine oideachadh mu na cunnartan a tha an lùib na mara.

Seo Dòmhnall MacLaomainn...{VT NEXT}