Loganair air innse gun tòisich iad seirbheis ùr eadar Beinn nam Fadhla agus Dùn Èideann

Tha a' chompanaidh adhair Loganair air innse gu bheil iad a' dol a thòiseachadh seirbheis ùir eadar Beinn nam Fadhla agus Dùn Èideann an ceann trì seachdainnean eile.

Bha àrd-stiuiriche na companaidh, Ionatan Hinkles, ann an Steòrnabhagh an-diugh 'son choinneamhan a thaobh mar tha iad a' gabhail a-nall nan seirbheisean gu lèir iad fhèin, a' cur an cùlaibh ri compàirteachas le Flybe, a tha iad FHÈIN a-nis gu bhith a' farpais le Loganair air na seirbheisean as trainge.

Seo Murray MacLeòid.