Tuilleadh airgid bho luchd-togail thaighean do sgoiltean

Iarraidh Comhairle na Gàidhealtachd air companaidhean togail tuilleadh airgid a phàigheadh 'son sgoiltean an Inbhir Nis.

Dh'aontaich a' Chomhairle Diciadain àrdachadh a thri uimhir a chur air na thathas ag iarraidh bho luchd-togail thaighean.

Ach tha dragh air cuid de bhuill gun toir seo droch bhuaidh air margaidh nan taighean.

Air fhoillseachadh