Naidheachdan 11:00m

Virginia

Chàin Iar-Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Mike Pence, buidhnean air an fhìor làimh dheis an dèidh aimhreit ann am Virginia air an deireadh-sheachdain. Chaidh boireannach a mharbhadh agus chaidh naoi duine deug a ghoirteachadh nuair a thug draibhear ionnsaigh le càr air sluagh a bha a' togail fianais an aghaidh buidhnean na fìor làimhe deise aig ralaidh ann an Charlottesville.

Corea a Deas

Thuirt Ceann-suidhe Chorea a Deas, Moon Jae-in, gum feum fuasgladh sìtheil a bhith ann air an eas-aonta mu armachd Chorea a Tuath. Bha an Ceann-suidhe Moon a' bruidhinn ro choinneimh ann an Seoul an-diugh ri Ceannard-Airm nan Stàitean Aonaichte, an Seanailear Iòsaph Dunford.

Sgoiltean Inbhir Nis

Gheall Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Margaret Davidson, gun cur an t-ughdarras ceart trioblaid le cion rùm ann an sgoiltean Inbhir Nis. Thuirt i gu bheil iad a' coimhead air de ghabhas dèanamh ann an ceann a deas a' bhaile gu h-àraid, far am bheil an sluagh air fàs gu mòr. Tha beachd ann gum faodadh iad sgoil Ghàidlig ùr a thogail ri taobh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus sgoil Bheurla a chur ann an toglach na sgoile Gàidhlig a th' ann an-dràsta.

Tubhailtean mìosail

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba boireannaich ann am bochdainn a chuideachadh le tubhailtean miosail a thoirt seachd an-asgaidh dhaibh. Tha ball Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Monica Lennon, ag ràdh gu e còir bhunaiteach a tha sin. Thuirt Rùnaire nan Coimhearsnachdan, Angela Constance, gu bheil iad a' rannsachadh dhòighean air an gabh sin dèanamh.

Bradan

Chaidh luach trì cheud agus dà fhichead 's a sia millean not de bhradan Albannach a reic thall-thairis air a' chiad leth dhen bhliadhna seo, an t-suim as motha a-riamh. Tha sin suas cha mhòr 70% air an aon àm an-uiridh. 'S ann anns na Stàitean Aonaichte as motha a tha a' mhargaidh air an taobh siar, agus tha a' mhargaidh as motha san Àird an Ear ann an Sìona.

Torsten Kulke

Chaidh innse do theaghlach fear-turais às a' Ghearmailt gun deach corp fhaighinn air an tràigh faisg air Bhaltos air Taobh Siar Leòdhais, Disathairne. Chaidh Torsten Kulke, a bha 48, a dhìth sa sgìre sin bho chionn còrr air ceala-deug.

Cataibh

Thuirt a' bhuidheann choimhearsnachd a tha ag amas air fearann le Oighreachd Chataibh a cheannach gun cuireadh sin às gu ìre mhòr do dh'ana-cheartas nam fuadaichean sa sgìre. Tha an t-airgead gu lèir a-niste aig Iomairt na Garbh Allt airson trì mìle acaire de thalamh croite timcheall air Bun Illidh a cheannach, far an do chur Diùc Chataibh an sluagh as an fhearann.

Air fhoillseachadh