Dìon ga chur air dreuchd Choimiseanair na Cuimris

Tha dragh air cuid gun tig lagachadh air suidheachadh a' chànain ma thèid gabhail ri moladhean Riaghaltas na Cuimrigh cur às dhan obair.

An àite coimiseanair tha an riaghaltas airson Coimisean na Cuimris a stèidheachadh.

Tha Ruairidh Francis, a tha a' fuireach anns a' Chuimrigh a' moladh gum bu chòir siostam neo-eisimeileach a bhith ann airson dìon a chur air a' Chuimris, seach a bhith a' beachdachadh air cur às do dhreuchd Coimiseanair na Cuimris.

Air fhoillseachadh