Nochd NFU na h-Alba dragh mu bhuaidh TB air stoc

'S e fìor dhroch rud a bhiodh ann nan cailleadh Alba a h-inbhe shònraichte airson a bhith saor bho TB, a-rèir NFU na h-Alba.

Tha dragh a measg thuathanach às dèidh dhan ghalair tighinn am follais ann am broc ann an Cumbria.

Ged nach eil cunnart ann bho sin an drasta, tha an NFU ag radh gu bheil an inbhe a th'ann deatamach do mhargaidhean eadar-nàiseanta.