Toraidhean nan deuchainnean

Fhuair deugairean air feadh na h-Alba toraidhean nan deuchainnean Dimàirt.

Tha an àireamh leis an do shoirbhich anns na deuchainnean aig àrd-ìre sìos beagan ach fhathast os cionn ceud gu leth mìle 'son treas bliadhna an sreath a chèile.