Fèis Purvai tighinn a Steòrnabhagh

Tòisichidh Fèis Purvai sa Lanntair an Steòrnabhagh an t-seachdain-sa.

'S e seo a' chiad uair a tha an stuth àrsaidh às na h-Innseachan, a chruinnich Cailean MacCoinnich à Steòrnabhagh, ga thoirt còmhla agus a thaisbeanadh.

Bidh ceòl Gàidhlig agus Àisia a Deas aig cridhe na fèis.

Cluinnear òrain Ghàidhlig còmhla ri ceòl nan Innseachan ann an tachartas ciùil sònraichte, Yatra, Dihaoine an ath-sheachdain.

Air fhoillseachadh