Naidheachdan 11:00m

Thuirt Scotland Yard gun do cuir iad stad air plana airson ceannairc an dèidh rèid ann an ceann an iar thuath Lunnainn an-raoir. Tha boireannach san ospadal an dèidh do phoileas losgadh oirre agus tha an Coimisean airson Gearanan mun Phoileas a' rannsachadh na cùise a tha sin. Tha sianar eile an grèim.

Rinn Banca Rìoghail na h-Alba prothaid de £259m air a' chiad thrì mìosan am-bliadhna, an dèidh call £1bn aig an aon àm an-uiridh. Thuirt RBS, a bhoineas anns a' mhòr-chuid dhan stàit an dèidh cobhair a rinn an Riaghaltas air a' bhuidhinn, gu bheil iad nas fhaide air adhart na bha dùill le plana airson cosgaisean a ghearradh.

Tha dragh ann mu phlana Poilis Alba airson camarathan-bodhaig do dh'oifigearan a chur an sàs air feadh na dùthcha, an dèidh trioblaidean leis an uidheamachd. Chaidh na camarathan fheuchainn air poilis ann an ceann an ear thuath na h-Alba agus thàinig laisgean am follais. Tha Poilis Alba ag ràdh, ge-tà, gur ann leis na coimpiutairean aca as motha a bha na trioblaidean agus nach ann leis na camarathan.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ullachadh laghan ùra a bheir cead dhaibh smachd-bhannan a chur air dùthchannan eile an dèidh Brexit. Mhothaich an Riaghaltas an t-seachdain seo chaidh gun cailleadh iad a' mhòr-chuid de na cumhachdan sin an dèidh falbh às an Aonadh Eòrpach. Feumaidh Breatainn an-dràsta, cha mhòr a h-uile turas, lagh an EU a chleachdadh airson casg siubhail no casg malairt a chur air dùthaich eile.

Fhuair gàrradh Àranais ann an Leòdhas tuilleadh obrach airson tuath-gaoithe mòr Bheatrice far chladaichean Ghallaibh. Cumaidh seo cosnadh ris a' ghàrradh gu deireadh na bliadhna agus feumaidh luchd-obrach a thoirt à Tìr-Mòr.

Tha ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, ag ràdh gum feum tuilleadh a dhèanamh airson smachd a chur air na geòidh ann Uibhist a Tuath. Tha croitearan a' gearain mun chron a tha na cathain gu h-àraidh a' dèanamh air an ionaltradh.

Air fhoillseachadh