Cathain a'dèanamh milleadh air Bhàlaigh

An dèidh na mìltean de chathain grunn sheachdainnean a chuir seachad air Eilean Bhàlaigh an Uibhist a Tuath, tha an talamh air fhàgail lom agus air a ghànrachadh.

Chan eil cead aig muinntir an àite losgadh ach air ceithir fichead sa deich de na h-eòin an Uibhist a Tuath air fad.

Anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh tha an àireamh chathain air èirigh gu mòr.

Ach chan eil coltas gun tig faochadh air dhòigh sam bith san àm ri teachd, mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.